Dé Máirt 28 Meitheamh 2011

"Beuldhath" - aistriúchán go Gàidhlig

Bha colainnean mu m' thimcheall,
dealbhan bàna do mo chorp balbh a mhealladh,
an àilleachd ar tòir
mo shùilean – bha mi nàireach,
cridhe reòta am measg teas nan òg.
‘S an sin thàinig thu thugam
le do bheul dì-nàireach dearg
gu mo bheul-sa a smeuradh
le pòig; agus pòg eile.
Chum thu m’aodann nad làmhan,
‘s le do mheòir grinne
rinn thu oidhirp gus
an smeur dearg a ghlanadh –
ach dh’fhàg thu smàl orm.


© Alison Ní Dhorchaidhe & Teàrlach Quinnell 2010

No comments:

Post a Comment